
u/NVACA

▲ 12 r/gaidhlig
Cluba beag Gàidhealach air stairseach an SPFL
Bhiodh e math nan robh cluba Gàidhealach eile anns na lìogan proifeiseanta. Tha na clubaichean a tha air tighinn suas bho lìog na Gàidhealtachd (Ross County, ICT, Elgin, Peterhead, Cove) air a bhith a' dèanamh ok thar nam bliadhnaichean.
Tha an dà chluba County 's ICT air cupa a bhuannachadh cuideachd.
(Na coimhead air na toraidhean aig Ross County am-bliadhna, taing mhòr)
u/NVACA — 7 days ago
▲ 20 r/gaidhlig
Cò bhios na Mhinistear na Gàidhlig anns a' phàrlamaid ùr?
Bha fios againn gum biodh Ceit Fhoirbeis a' leigeil dhith a dreuchd mar BP, ach chan eil e soilleir cò eile a tha freagarrach am measg na buill ùra.
Agus an dàrna ceist, ceangailte ris a' cheist gu h-àrd: A bheil Ball-Pàrlamaid ann aig a bheil Gàidhlig?
u/NVACA — 11 days ago